Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 3:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha duine àraidh a bha na bhacach o bhroinn a mhàthar air a ghiùlan, neach a chuireadh gach là aig doras sin an teampaill ris an abrar Sgiamhach, a dh’iarraidh dèirce orrasan a bha a’ dol a‑steach don teampall:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus bha duine bochd àraidh ann dom b’ainm Làsaras, a chuireadh na laighe aig a dhoras, làn de chreuchdan.

Agus thàrladh, nuair a dhruid e ri Iericho, gu robh dall àraidh na shuidhe ri taobh na slighe, ag iarraidh dèirce;

Uime sin thubhairt na coimhearsnaich, agus iadsan a chunnaic dall e roimhe sin, Nach e seo esan a bha na shuidhe ag iarraidh na dèirce?

Agus thubhairt e, A Chorneliuis, fhuair d’ùrnaigh èisdeachd, agus tha do dhèircean air an cuimhneachadh am fianais Dhè.

Agus air dhàsan amharc gu geur air, ghabh e eagal, agus thubhairt e, Ciod e, a Thighearna? Agus thubhairt e ris, Chaidh d’ùrnaighean agus do dhèircean suas mar chuimhneachan ann am fianais Dhè.

Agus bha ann an Listra duine àraidh gun lùths na chasan na shuidhe, a bha bacach o bhroinn a mhàthar, neach nach d’imich riamh:

Agus dh’aithnich iad esan gum b’e a bha na shuidhe aig geata Sgiamhach an teampaill ag iarraidh dèirce: agus lìonadh iad le iongantas agus le uamhas airson an nì sin a thachair dha.

Oir bha an duine air an do rinneadh am mìorbhail leighis seo tuilleadh is dà‑fhichead bliadhna a dh’aois.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan