Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 3:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chunnaic Peadar seo, fhreagair e an sluagh, Fheara Israeil, carson a tha sibh a’ geur-amharc oirnne, mar gum b’ann le ar cumhachd no ar naomhachd fhèin a thug sinn air an duine seo imeachd?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt iad ris, Chunnaic sinn aisling, agus chan eil neach againn a dh’eadar-mhìnicheas i. Agus thubhairt Iòseph riu, Nach ann o Dhia a tha gach eadar-mhìneachadh? Innsibh dhòmhsa iad, guidheam oirbh.

Agus fhreagair Iòseph Phàraoh, ag ràdh, Chan eil e annamsa: bheir Dia freagradh sìthe do Phàraoh.

An tì a labhras uaithe fhèin, tha e ag iarraidh a ghlòire fhèin: ach ge bè a dh’iarras glòir an tì a chuir uaithe e, tha esan fìrinneach, agus chan eil eucoir air bith ann.

Fheara agus a bhràithrean, a chlann fine Abrahàim, agus a mheud agaibh is air a bheil eagal Dhè, is ann dur n‑ionnsaigh-se a chuireadh facal na slàinte seo.

Fheara Israeil, èisdibh ris na briathran seo: Iosa o Nàsaret, duine a dhearbhadh le Dia nur measg-se, le cumhachdan agus le mìorbhailean agus le comharraidhean, a rinn Dia leis-san nur meadhon-se, mar tha fhios agaibh fhèin:

Agus a’ cumail Pheadair agus Eòin (don bhacach a chaidh a leigheas), ruith an sluagh uile dan ionnsaigh anns an sgàth-thaigh ris an abrar sgàth-thaigh Sholaimh, làn iongantais.

Ghlòraich Dia Abrahàim, agus Isaaic, agus Iàcoib, Dia ar n‑athraichean, a Mhac Iosa; a thug sibhse thairis, agus a dh’àich sibh an làthair Philait, nuair a b’i a bhreith a chur fa sgaoil.

Tha mi ag ràdh mas eadh, An do thilg Dia a phoball uaithe? Nar leigeadh Dia. Oir is Israeleach mise fhèin mar an ceudna, de shliochd Abrahàim, de threubh Bheniàmin.

A tha nan Israelich; dom buin an uchd-mhacachd, agus a’ ghlòir, agus na coicheangail, agus tabhairt an lagha, agus seirbhis Dhè, agus na geallaidhean;

Chan e gu bheil sinn foghainteach uainn fhèin a‑chum nì sam bith a smaoineachadh mar uainn fhèin: ach is ann o Dhia a tha ar foghainteachd;

Agus fhreagair aon de na seanairean, ag ràdh rium, Cò iad sin a tha air an sgeadachadh le trusganan fada geala? Agus cia as a thàinig iad?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan