Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 3:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’aithnich iad esan gum b’e a bha na shuidhe aig geata Sgiamhach an teampaill ag iarraidh dèirce: agus lìonadh iad le iongantas agus le uamhas airson an nì sin a thachair dha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a fhuair muinntir an àite sin fios uime, chuir iad fios air feadh na tìre sin uile air gach taobh dhiubh, agus thug iad da ionnsaigh an dream sin uile a bha easlan.

Agus thàinig uamhas orra uile, agus labhair iad ri chèile, ag ràdh, Ciod a’ ghnè cainnte seo? Oir le ùghdarras agus cumhachd tha e a’ toirt òrdaigh do na spioradan neòghlan, agus tha iad a’ teachd a‑mach.

Agus ghabh iad uamhas uile ri mòr-chumhachd Dhè. Ach air dhaibh uile a bhith a’ gabhail iongantais ris na h‑uile nithean a rinn Iosa, thubhairt e ra dheisciobail,

Oir is ionmhainn leis an Athair am Mac, agus tha e a’ foillseachadh dha nan uile nithean a tha e fhèin a’ dèanamh: agus foillsichidh e dha obraichean as mò na iad seo, air chor is gum bi iongantas oirbhse.

Fhreagair Iosa, Cha do pheacaich aon chuid an duine seo, no a phàrantan: ach a‑chum gum foillsichte obraichean Dhè ann.

Uime sin thubhairt na coimhearsnaich, agus iadsan a chunnaic dall e roimhe sin, Nach e seo esan a bha na shuidhe ag iarraidh na dèirce?

Agus bha iad uile fo uamhas, agus ann an ioma-chomhairle, ag ràdh gach aon ri chèile, Ciod as ciall dha seo?

Agus bha iad uile fo uamhas agus ghabh iad iongantas, ag ràdh ri chèile, Feuch, nach Galilèaich iad sin uile a tha a’ labhairt?

Agus bha duine àraidh a bha na bhacach o bhroinn a mhàthar air a ghiùlan, neach a chuireadh gach là aig doras sin an teampaill ris an abrar Sgiamhach, a dh’iarraidh dèirce orrasan a bha a’ dol a‑steach don teampall:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan