Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 28:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha mu thimcheall an àite sin fearann aig prìomh-dhuine an eilein, dom b’ainm Publius, a ghabh rinn agus a thug rè trì làithean aoidheachd dhuinn gu càirdeil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Neach a bha maille ri Sergius Paulus an t‑uachdaran, duine tuigseach; air dhàsan Barnabas agus Saul a ghairm da ionnsaigh, dh’iarr e facal Dhè a chluinntinn.

Agus nuair a bha Galio na uachdaran air Achaia, dh’èirich na h‑Iùdhaich a dh’aon inntinn an aghaidh Phòil, agus thug iad e gu cathair a’ bhreitheanais;

Agus ullaichibh eich, a‑chum air dhaibh Pòl a chur orra, gun toir iad e gu tèarainte a‑chum an uachdarain Felics.

Agus nochd an sluagh borb coibhneas nach bu bheag dhuinn: oir air fadadh teine dhaibh, ghabh iad rinn uile, airson an uisge a bha ann, agus airson an fhuachd.

Ach bha iadsan a’ feitheamh cuin a dh’atadh e, no a thuiteadh e sìos marbh gu h‑obann: ach nuair a dh’fheith iad ùine fhada, agus nach faca iad dochann sam bith a’ teachd air, chaochail iad an inntinn, agus thubhairt iad gur dia e.

Agus thàrladh gu robh athair Phubliuis na laighe gu tinn le fiabhras, agus geàrrthach fala: air do Phòl dol a‑steach da ionnsaigh, rinn e ùrnaigh, agus air dha a làmhan a chur air, leighis e e.

Air a bheil teisteas a‑thaobh dheagh obraichean; ma thog i clann, ma thug i aoidheachd seachad, ma dh’ionnlaid i casan nan naomh, ma dh’fhòir i air luchd-àmhghair, ma lean i gu dìcheallach gach deagh obair.

Na dearmadaibh aoidheachd a thoirt do choigrich; oir le seo thug dream àraidh aoidheachd do ainglean gun fhios dhaibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan