Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 28:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air do Phòl dòrlach bhioran a thional, agus an cur air an teine, thàinig nathair nimhe a‑mach as an teas, agus shàs i na làimh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Sùgaidh e nimh nan nathraichean: marbhaidh teanga na nathrach milltich e.

Eallach ainmhidhean na h‑àird a deas; gu tìr airce agus èiginn as an tig an leòmhann òg agus an seann leòmhann, an nathair nimhe, agus an nathair theinnteach itealach; giùlainidh iad an saoibhreas air gualainn nan asal òga, agus an ionmhas air croit nan càmhal, a dh’ionnsaigh sluaigh nach tabhair buannachd dhaibh.

Feuch, is neoni sibh, agus is nì gun bhrìgh ur n‑obair: is gràinealachd esan a roghnaicheas sibh.

Tha iad a’ gur air uighean na rìgh-nathrach, agus a’ fighe lìon an damhain-allaidh; esan a dh’itheas den uighean, gheibh e bàs; agus nuair a bhruthar e, brisidh nathair nimhe a‑mach.

Ceart mar gun teicheadh duine o leòmhann, agus gun coinnicheadh math-ghamhainn e; no gun rachadh e a‑steach da thaigh, agus a làmh a leigeadh air a’ bhalla, agus gun dèanadh nathair a theumadh;

A shliochd nan nathraichean nimhe, cionnas a dh’fhaodas sibh nithean matha a labhairt, agus sibh fhèin olc? Oir is ann à pailteas a chridhe a labhras am beul.

A nathraichean, a shìol nan nathraichean nimhe, cionnas a dh’fhaodar leibh a dhol as o dhamnadh ifrinn?

Ach nuair a chunnaic e mòran de na Pharasaich agus de na Sadusaich a’ teachd a‑chum a bhaistidh-san, thubhairt e riu, A shìol nan nathraichean nimhe, cò a thug rabhadh dhuibhse teicheadh on fheirg a tha ri teachd?

Togaidh iad nathraichean nimhe; agus ma dh’òlas iad nì air bith marbhtach, cha chiùrr e iad; cuiridh iad an làmhan air daoine tinne, agus bidh iad gu math.

Agus nochd an sluagh borb coibhneas nach bu bheag dhuinn: oir air fadadh teine dhaibh, ghabh iad rinn uile, airson an uisge a bha ann, agus airson an fhuachd.

Agus nuair a chunnaic an sluagh borb a’ bhèist an crochadh ra làimh, thubhairt iad ri chèile, Gu cinnteach is mortair an duine seo, do nach fuiling dìoghaltas a bhith beò, ged a theasairgeadh on fhairge e.

Am ministearan do Chrìosd iad? (tha mi a’ labhairt mar dhuine mì‑chèillidh). Tha mise os an cionn anns an nì seo: ann an saothairean nas pailte, ann am buillean thar tomhas, ann am prìosanan nas trice, ann am bàsan gu minig.

Mar dhream nach aithnichear, gidheadh air a bheil deagh aithne; mar dhream a tha a’ faghail a’ bhàis, gidheadh feuch, tha sinn beò; mar dhream a tha air an smachdachadh, agus gun a bhith air am marbhadh;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan