Agus nochd an sluagh borb coibhneas nach bu bheag dhuinn: oir air fadadh teine dhaibh, ghabh iad rinn uile, airson an uisge a bha ann, agus airson an fhuachd.
Agus chruinnicheadh fir Iùdah agus Bheniàmin uile gu Ierusalem an ceann trì làithean: bha e anns an naoidheamh mìos, air an fhicheadamh là den mhìos: agus shuidh an sluagh uile ann an sràid taigh Dhè, air chrith airson an nì seo, agus airson an uisge mhòir.
Cha dèan thu dìoghaltas, cha mhò a bhios falachd agad ri cloinn do shluaigh, ach gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar thu fhèin: Is mise an Tighearna.
Mar neach a rugadh nur measg bidh dhuibhse an coigreach a tha air chuairt maille ribh, agus gràdhaichidh tu e mar thu fhèin; oir bha sibh fhèin nur coigrich ann an tìr na h‑Eiphit: Is mise an Tighearna ur Dia.
Agus ge bè a bheir cupan de uisge fuar a‑mhàin ra òl do aon den mhuinntir bhig seo, an ainm deisciobail, gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach caill e air chor sam bith a dhuais.
Agus bha na seirbhisich agus na maoir nan seasamh, air dhaibh teine guail a chur suas, oir bha am fuachd ann, agus bha iad gan garadh fhèin: agus bha Peadar na sheasamh maille riu, agus ga gharadh fhèin.
Agus air an là màireach, thàinig sinn gu Sìdon. Agus air do Iulius buntainn gu suairc ri Pòl, leig e dha dol a dh’ionnsaigh a chàirdean a‑chum comhfhurtachd fhaotainn.
Agus nuair a chunnaic an sluagh borb a’ bhèist an crochadh ra làimh, thubhairt iad ri chèile, Gu cinnteach is mortair an duine seo, do nach fuiling dìoghaltas a bhith beò, ged a theasairgeadh on fhairge e.
Agus nach dìt an neo-thimcheall-ghearradh a‑thaobh nàdair, a tha a’ coileanadh an lagha, thusa a tha tre an litir agus tre an timcheall-ghearradh ad fhear-brisidh an lagha?
Far nach eil Greugach no Iùdhach, timcheall-ghearradh, no neo-thimcheall-ghearradh, duine borb, Sitianach, daor no saor: ach is e Crìosd na h‑uile, agus anns na h‑uile.