Agus nuair a sheòl sinn gu mall rè mòran làithean, agus a thàinig sinn air èiginn fa chomhair Chnidais, a chionn nach do leig a’ ghaoth leinn, sheòl sinn fo Chrete, fa chomhair Shalmone;
Ach air dhuinn a bhith fada nar trasg, an sin air seasamh do Phòl nam meadhon, thubhairt e, Fheara, bu chòir dhuibh mo chomhairle-sa a ghabhail, agus gun fhuasgladh o Chrete, agus an dochann agus an call seo a sheachnadh.
Air a shon seo dh’fhàg mi thu ann an Crete, a‑chum gun cuireadh tu an òrdagh na nithean a dh’fhàgadh gun dèanamh, agus gun suidhicheadh tu seanairean anns gach baile, a rèir mar a dh’àithn mise dhut.