Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 27:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fhuair an ceannard-ceud long an sin o Alecsandria, a bha a’ seòladh don Eadailt, agus chuir e sinn a‑steach innte.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus fhuair e Iùdhach àraidh dom b’ainm Acuila, a rugadh ann am Pontas, air ùr‑theachd as an Eadailt, maille ra mhnaoi Priscila (a chionn gun d’òrdaich Claudius do na h‑Iùdhaich uile an Ròimh fhàgail), agus thàinig e dan ionnsaigh.

Agus thàinig gu Ephesus Iùdhach àraidh dom b’ainm Apollos, a rugadh ann an Alecsandria, duine deas-bhriathrach, agus cumhachdach anns na sgriobtairean.

Agus nuair a thugadh breith sinne a sheòladh don Eadailt, thug iad Pòl thairis, maille ri prìosanaich àraidh eile, do cheannard-ceud dom b’ainm Iulius de chuideachd Augustuis.

Agus an dèidh trì mìosan sheòl sinn ann an luing o Alecsandria, a chaith an geamhradh anns an eilean, dom bu shuaicheantas Castor agus Pollucs.

An sin dh’èirich dream àraidh den t‑sionagog, ris an abrar sionagog nan Libertineach agus nan Cirènianach, agus de mhuinntir Alecsandria, agus na dream o Chilicia, agus on Asia, a’ deasbaireachd ri Stèphen.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan