Agus do chàch dh’àithn e cuid dhiubh a dhol air clàir, agus cuid eile air mìrean briste den luing: agus mar sin thàrladh gun deachaidh iad uile tèarainte gu tìr.
Oir feuch, bheir mise àithne, agus criathraidh mi taigh Israeil am measg nan uile chinneach, mar a chriathrar sìol ann an criathar, gidheadh cha tuit an sìlean as lugha dheth air an talamh.
Ag ràdh, A Phòil, na biodh eagal ort; is èiginn dhut a bhith air do thoirt an làthair Chèasair: agus, feuch, thìodhlaic Dia dhut iadsan uile a tha a’ seòladh maille riut.