Agus chunnaic e iadsan air am pianadh ag iomramh; oir bha a’ ghaoth nan aghaidh; agus thàinig e dan ionnsaigh mu thimcheall na ceathramh faire den oidhche, ag imeachd air a’ mhuir, agus b’àill leis dol seachad orra.
Agus thàrladh air là àraidh gun deachaidh e fhèin agus a dheisciobail a‑steach do luing: agus thubhairt e riu, Rachamaid thairis gu taobh thall an loch. Agus chuir iad a‑mach o thìr.
Dh’èirich uime sin connspaid eatorra cho dian is gun do sgaradh o chèile iad: agus mar sin thug Barnabas leis Marcus, agus chaidh e air luing gu Cìprus;
Agus chaidh mar an ceudna maille rinn cuid de na deisciobail o Chesarèa, a’ toirt leo Mhnasoin o Chìprus, seann deisciobal àraidh, aig an robh sinn gu bhith air aoidheachd.
Agus air dhuinn teachd an sealladh Chìpruis, agus fhàgail air an làimh chlì, sheòl sinn gu Siria, agus thàinig sinn gu tìr aig Tìrus: oir is ann an sin a bha an long gus a luchd a chur a‑mach.
Agus nuair a sheòl sinn gu mall rè mòran làithean, agus a thàinig sinn air èiginn fa chomhair Chnidais, a chionn nach do leig a’ ghaoth leinn, sheòl sinn fo Chrete, fa chomhair Shalmone;
Agus air do fhearann a bhith aig Ioses den do ghoireadh leis na h‑abstoil Barnabas (is e sin, air eadar-theangachadh, Mac na Comhfhurtachd), Lèbhitheach, dom bu dùthaich Cìprus;