Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 27:32

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin gheàrr na saighdearan cùird a’ bhàta, agus leig iad leatha tuiteam sìos.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus mhol an tighearna an stiùbhard eucorach, do bhrìgh gun do rinn e gu glic: oir tha clann an t‑saoghail seo nan ginealach fhèin nas glice na clann an t‑solais.

Agus air dèanamh sgiùrsair dha de chùird chaola, dh’fhuadaich e a‑mach as an teampall iad uile, agus na caoraich agus an crodh; agus dhòirt e a‑mach airgead an luchd-malairt, agus thilg e na bùird thairis;

Thubhairt Pòl ris a’ cheannard-ceud, agus ris na saighdearan, Mura fan iad sin anns an luing, chan eil e an comas dhuibh a bhith air ur teasairginn.

Agus am feadh a bha an là a’ teachd, thug Pòl a chomhairle orra uile biadh a ghabhail, ag ràdh, Is e seo an ceathramh-là‑deug dhuibh a’ feitheamh, agus a’ fantainn nur trasg, gun bhiadh sam bith a ghabhail.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan