Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 27:30

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a bha na maraichean air tì teicheadh a‑mach as an luing, agus a leig iad sìos am bàta don fhairge, a’ gabhail orra a bhith a’ tilgeadh a‑mach acraichean à toiseach na luinge,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus air dhuinn ruith a‑steach fo eilean beag àraidh dom b’ainm Clauda, is ann le èiginn a ràinig sinn air a’ bhàta:

An sin gheàrr na saighdearan cùird a’ bhàta, agus leig iad leatha tuiteam sìos.

Agus nuair a bha an ceathramh-oidhche-deug air teachd, air dhuinn a bhith air ar n‑iomain a‑null agus a‑nall ann am muir Adria, mu mheadhon-oidhche b’i barail nam maraichean gu robh iad am fagas do thìr-eigin:

An sin air dhaibh a bhith fo eagal gum buaileadh iad air ionadan garbha, thilg iad ceithir acraichean à deireadh na luinge, agus ghuidh iad an là a theachd.

Thubhairt Pòl ris a’ cheannard-ceud, agus ris na saighdearan, Mura fan iad sin anns an luing, chan eil e an comas dhuibh a bhith air ur teasairginn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan