Agus air an là màireach, thàinig sinn gu Sìdon. Agus air do Iulius buntainn gu suairc ri Pòl, leig e dha dol a dh’ionnsaigh a chàirdean a‑chum comhfhurtachd fhaotainn.
Agus thubhairt e, Cha dèan thu caithreim nas mò, O òigh shàraichte, a nighean Shìdoin; èirich, rach thairis gu Citim; an sin fòs chan fhaigh thu suaimhneas.
Is an‑aoibhinn dhut, a Chorasin; is an‑aoibhinn dhut, a Bhetsaida: oir nan robh na h‑obraichean cumhachdach a rinneadh annaibhse air an dèanamh ann an Tìrus agus ann an Sìdon, is fada on a rinn iad aithreachas ann an sac-aodach agus an luaithre.
Agus bha fearg mhòr air Herod ri muinntir Thìruis agus Shìdoin: ach thàinig iadsan a dh’aon inntinn da ionnsaigh, agus air dhaibh Blastus, seòmradair an rìgh, a thoirt air an crann, dh’iarr iad sìth; do bhrìgh gu robh an tìr air a beathachadh le tìr an rìgh.
Agus dh’àithn e do cheannard-ceud Pòl a ghleidheadh, agus e a bhith fuasgailte aige, agus gun neach de a mhuinntir fhèin a bhacadh o fhrithealadh dha, no teachd da ionnsaigh.
Agus nuair a thugadh breith sinne a sheòladh don Eadailt, thug iad Pòl thairis, maille ri prìosanaich àraidh eile, do cheannard-ceud dom b’ainm Iulius de chuideachd Augustuis.
Ach air don cheannard-ceud a bhith toileach Pòl a theasairginn, chùm e air ais on comhairle iad, agus dh’àithn e dhaibhsan dom b’aithne snàmh iad fhèin a thilgeadh anns a’ chuan air tùs, agus dol a‑mach air tìr:
Agus nuair a thàinig sinn don Ròimh thug an ceannard-ceud thairis na prìosanaich do cheannard an fhreiceadain: ach thugadh comas do Phòl a bhith leis fhèin, maille ri aon saighdear a bha ga ghleidheadh.