An sin air dhaibh a bhith fo eagal gum buaileadh iad air ionadan garbha, thilg iad ceithir acraichean à deireadh na luinge, agus ghuidh iad an là a theachd.
Agus air dhaibh a togail suas, ghnàthaich iad gach gleus còmhnaidh, a’ criosadh na luinge foidhpe; agus air dhaibh a bhith fo eagal gun tuiteadh iad anns a’ bheò-ghaineimh, leag iad na siùil, agus mar sin dh’iomaineadh iad.
Agus nuair a bha na maraichean air tì teicheadh a‑mach as an luing, agus a leig iad sìos am bàta don fhairge, a’ gabhail orra a bhith a’ tilgeadh a‑mach acraichean à toiseach na luinge,
Anns a’ mhadainn their thu, Och! nach b’e am feasgar e; agus anns an fheasgar their thu, Och! nach b’e a’ mhadainn e; airson eagal do chridhe, leis am bi eagal ort, agus airson sealladh do shùl a chì thu.
Agus air leigeadh na luaidhe sìos dhaibh, fhuair iad an doimhne fichead aitheamh; agus nuair a chaidh iad beagan air an aghaidh, leig iad sìos an luaidh a‑rìs, agus fhuair iad i na còig-aitheamh-deug.