Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 27:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin, fheara, biodh agaibh deagh mhisneach: oir tha mi a’ creidsinn Dhè, gun tachair ceart mar a labhradh rium.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus is beannaichte ise a chreid: oir coileanar na nithean a labhradh rithe leis an Tighearna.

An t‑adhbhar airson a bheil mi mar an ceudna a’ fulang nan nithean seo: gidheadh chan eil nàire orm: oir tha fhios agam cò ann a chreid mi, agus is dearbh leam gu bheil esan comasach air an nì sin a dh’earb mi ris a choimhead fa chomhair an là sin.

Cha duine Dia, gun dèanadh e breug; no mac duine, gun gabhadh e aithreachas: an dubhairt e, agus nach dèan e? Agus an do labhair e agus nach coilean e e?

Gidheadh, is mò a chreid an ceannard-ceud an stiùradair agus maighistir na luinge, na na nithean a labhradh le Pòl.

Agus dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn, agus chaidh iad a‑mach gu fàsach Thecòa: agus nuair a bha iad a’ dol a‑mach, sheas Iehosaphat agus thubhairt e, Eisdibh riumsa, a Iùdah, agus a luchd-àiteachaidh Ierusaleim: Creidibh anns an Tighearna ur Dia, agus daingnichear sibh; creidibh a fhàidhean, agus soirbhichidh sibh.

An sin ghlac iad uile deagh mhisneach, agus ghabh iad biadh mar an ceudna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan