Agus bha Daibhidh ann an teanntachd mhòir; oir labhair an sluagh ma chlachadh, do bhrìgh gu robh anam an t‑sluaigh uile air a chràdh, gach duine airson a chuid mhac, agus airson a nigheanan: ach ghabh Daibhidh misneach dha fhèin anns an Tighearna a Dhia.
Agus do chàch dh’àithn e cuid dhiubh a dhol air clàir, agus cuid eile air mìrean briste den luing: agus mar sin thàrladh gun deachaidh iad uile tèarainte gu tìr.
Agus air an oidhche na dhèidh sin, sheas an Tighearna làimh ris, agus thubhairt e, Biodh misneach mhath agad, a Phòil; oir mar a rinn thu fianais mum thimcheall-sa ann an Ierusalem, is amhail sin as èiginn dhut fianais a dhèanamh anns an Ròimh.
Agus labhair Sechaniah mac Iehieil, aon de mhic Elaim, agus thubhairt e ri Esra, Pheacaich sinn an aghaidh ar Dè, agus ghabh sinn dar n‑ionnsaigh mnathan coimheach de shluagh na tìre: ach a‑nis tha dòchas ann an Israel a‑thaobh an nì seo.