Ach an ceann beagan ùine na dhèidh sin, shèid gaoth ànradhach na h‑aghaidh, ris an abrar Euroclidon.
Thug do ràmhaichean thu gu uisgeachan mòra: bhris a’ ghaoth an ear thu ann am meadhon na fairge.
Agus, feuch, dh’èirich doineann mhòr air an fhairge, ionnas gun d’fhalaich na tuinn an long: ach bha esan na chadal.
Agus dh’èirich doineann mhòr ghaoithe, agus leum na tonnan a‑steach don luing, air chor is gu robh i a‑nis làn.
Agus air a bhith don luing air a fuadachadh, agus gun chomas dhi dol an aghaidh na gaoithe, leig sinn ruith dhi.