Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 27:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gidheadh, is mò a chreid an ceannard-ceud an stiùradair agus maighistir na luinge, na na nithean a labhradh le Pòl.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus chuir rìgh Israeil daoine a dh’ionnsaigh an àite mun d’innis an duine le Dia dha, agus mun tug e rabhadh dha, agus dhìon e e fhèin an sin, cha b’ann aon uair no dà uair.

Chì an duine crìonna olc, agus falaichidh e e fhèin; ach gabhaidh na daoine baoghalta air an aghaidh, agus fuilingidh iad peanas.

An sin, cò air bith a chluinneas fuaim na trompaid, agus nach gabh rabhadh; ma thig an claidheamh, agus gun toir e air falbh e, bidh a fhuil air a cheann fhèin.

Ach air dhuinn a bhith fada nar trasg, an sin air seasamh do Phòl nam meadhon, thubhairt e, Fheara, bu chòir dhuibh mo chomhairle-sa a ghabhail, agus gun fhuasgladh o Chrete, agus an dochann agus an call seo a sheachnadh.

Tre chreideamh, air do Nòah rabhadh fhaotainn o Dhia mu thimcheall nithean nach robh idir rim faicinn, agus eagal a ghabhail, dh’ullaich e àirc a‑chum tèarnadh a theaghlaich; tre an do dhìt e an saoghal, agus rinneadh e na oighre air an fhìreantachd a tha a‑thaobh creidimh.

Feuch mar an ceudna na longan, ged tha iad cho mòr, agus ged shèidear iad le garbh-ghaothan, gidheadh tionndaidhear mun cuairt iad le stiùir ro‑bhig, ge bè taobh gus am miann leis an stiùradair.

Oir ann an aon uair thugadh saoibhreas cho mòr gu neoni. Agus sheas gach uile long-mhaighistir, agus gach uile chuideachd a thèid air longan, agus na seòladairean, agus a mheud is a nì gnothaichean air fairge, am fad,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan