Ag ràdh riu, Fheara, tha mi a’ faicinn gum bi an turas seo le dochann agus call mòr, chan ann a‑mhàin don luchd agus don luing, ach dar n‑anaman fhèin.
Ach dom thaobh-sa chan eil an diamhaireachd seo air a leigeadh ris dhomh airson gliocais air bith a tha agam thar aon duine beò, ach air an son-san a nì a’ bhrìgh aithnichte don rìgh; agus a‑chum gum biodh fhios agadsa air smuaintean do chridhe:)
Agus air dhuinn teachd an sealladh Chìpruis, agus fhàgail air an làimh chlì, sheòl sinn gu Siria, agus thàinig sinn gu tìr aig Tìrus: oir is ann an sin a bha an long gus a luchd a chur a‑mach.