Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 26:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gu deimhinn mheas mise annam fhèin gum bu chòir dhomh mòran nithean a dhèanamh an aghaidh ainm Iosa o Nàsaret.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Ach na nithean seo uile nì iad oirbh airson m’ainme-sa, do bhrìgh nach aithne dhaibh esan a chuir uaithe mi.

An sin fhreagair Pòl, Ciod as ciall dhuibh, a’ gul, agus a’ briseadh mo chridhe? Oir tha mise ullamh chan ann a‑mhàin gu bhith air mo cheangal, ach eadhon gu bàsachadh ann an Ierusalem airson ainm an Tighearna Iosa.

Is Iùdhach mise da‑rìribh, a rugadh ann an Tarsas na Cilicia, ach a thogadh anns a’ bhaile seo, aig casan Ghamalieil, agus a theagaisgeadh gu coileanta a rèir gnàth lagh nan athraichean; agus bha mi eudmhor a‑thaobh Dhè, mar a tha sibhse uile an‑diugh.

Agus rinn mi geur-leanmhainn gu bàs air an t‑slighe seo, a’ ceangal fhear agus bhan, agus gan tarraing gu prìosan.

Agus fhreagair mise, Cò thu, a Thighearna? Agus thubhairt e rium, is mise Iosa o Nàsaret, air a bheil thusa a’ dèanamh geur-leanmhainn.

Oir fhuair sinn am fear seo na phlàigh, agus a’ dùsgadh nan Iùdhach uile gu ceannairc air feadh an domhain, agus na cheann-feadhna do luchd saobh-chreideamh nan Nàsarènach.

Agus a‑nis, a bhràithrean, tha fhios agam gur ann tro aineolas a rinn sibh e, mar a rinn mar an ceudna ur n‑uachdarain.

An sin thubhairt Peadar, Airgead no òr chan eil agam; ach an nì a tha agam, seo bheir mi dhut. Ann an ainm Iosa Crìosd o Nàsaret, èirich agus imich.

Agus air do Shaul a bhith fhathast a’ sèideadh a‑mach bagraidh agus àir an aghaidh deisciobail an Tighearna, chaidh e a‑chum an àrd-shagairt,

Oir nochdaidh mise dha cia mòr na nithean as èiginn dha fhulang air sgàth m’ainme-sa.

Oir tha mi a’ dèanamh fianais dhaibh, gu bheil eud aca a‑thaobh Dhè, ach chan ann a rèir eòlais.

A‑thaobh eud, a’ dèanamh geur-leanmhainn air an eaglais; a rèir na fìreantachd a tha anns an lagh, neo-choireach.

A bha roimhe am fhear-labhairt toibheim, agus am fhear geur-leanmhainn, agus am dhuine eucorach. Ach fhuair mi tròcair, do bhrìgh gun do rinn mi seo tre aineolas, ann am mì‑chreideamh:

An sin thubhairt daoine a’ bhaile ri Iòas, Thoir a‑mach do mhac, a‑chum gum bàsaich e, a chionn gun do thilg e sìos altair Bhàail, agus gun do gheàrr e sìos an doire a bha làimh rithe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan