Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 26:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Carson a mheasar leibhse mar nì do‑chreidsinn gun dùisgeadh Dia na mairbh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

A bheil nì air bith do‑dhèante don Tighearna? Anns an àm shuidhichte tillidh mi ad ionnsaigh, a rèir àm na beatha, agus bidh mac aig Sàrah.

Oir chan eil nì sam bith do‑dhèante do Dhia.

Ach thubhairt esan, Na nithean a tha eu‑comasach do dhaoine, tha iad comasach do Dhia.

Ach nuair a thuig Pòl gu robh cuid dhiubh nan Sadusaich, agus a’ chuid eile nam Pharasaich, ghlaodh e anns a’ chomhairle, Fheara agus a bhràithrean, is Pharasach mise, mac Pharasaich: is ann as leth dòchas agus aiseirigh nam marbh a tha mi air mo thoirt am breitheanas.

Ach thug iad ceistean àraidh na aghaidh mu thimcheall an creidimh fhèin, agus mu thimcheall Iosa àraidh, a fhuair bàs, neach a thubhairt Pòl a tha beò.

Air dhaibh a bhith fo dhoilgheas gu robh iad a’ teagasg an t‑sluaigh, agus a’ searmonachadh tre Iosa aiseirigh nam marbh.

Dùisgibh a‑chum fìreantachd, agus na dèanaibh peacadh; oir chan eil eòlas Dhè aig cuid; a‑chum ur nàire tha mi a’ labhairt seo.

A chruth-atharraicheas ar corp dìblidh, a‑chum gun dèanar e co‑chosmhail ra chorp glòrmhor fhèin, a rèir a obrachaidh leis a bheil e comasach air na h‑uile nithean a chur fo a cheannsal fhèin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan