Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 26:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑chum a bheil dùil aig ar dà‑threubh-dheug-ne teachd, a’ dèanamh seirbhis do Dhia a là agus a dh’oidhche a‑ghnàth; agus airson an dòchais seo tha mise, a rìgh Agripa, air m’agairt leis na h‑Iùdhaich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Agus dh’ìobair iad aig coisrigeadh taigh seo Dhè, ceud tarbh òg, dà cheud reithe, ceithir cheud uan; agus mar ìobairt-pheacaidh airson Israeil uile, dà‑bhoc-dheug goibhre, a rèir àireamh treubhan Israeil.

Thug clann na muinntir a thugadh air falbh, agus a thàinig on bhraighdeanas, seachad ìobairtean-loisgte do Dhia Israeil, dà‑tharbh-dheug òg airson Israeil uile, ceithir-fichead agus sia-reitheachan-deug, trì-fichead agus seachd-uain-dheug, dà‑bhoc-dheug ghoibhre mar ìobairt-pheacaidh: iad uile nan ìobairt-loisgte don Tighearna.

Sibhse a sheasas ann an taigh an Tighearna, ann an cùirtean taigh ar Dè,

Agus thubhairt Iosa riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Sibhse a lean mise, anns an ath-ghineamhain, nuair a shuidheas Mac an Duine air cathair a ghlòire fhèin, gun suidh sibhse mar an ceudna air dà‑chathair-dheug, a’ toirt breith air dà‑threubh-dheug Israeil.

Agus, feuch, bha duine ann an Ierusalem dom b’ainm Simeon; agus bha an duine seo ionraic agus diadhaidh, agus bha dùil aige ri sòlas Israeil: agus bha an Spiorad Naomh air.

A‑chum gun ith agus gun òl sibh aig mo bhòrd-sa ann am rìoghachd, agus gun suidh sibh air cathraichean rìoghail, a’ toirt breith air dà‑threubh-dheug Israeil.

Uime sin dèanaibh faire, a’ cuimhneachadh nach do sguir mise rè thrì bliadhna de chomhairleachadh gach aoin agaibh a là agus a dh’oidhche le deòir.

Agus tha dòchas agam ann an Dia, ris a bheil sùil mar an ceudna aca fhèin, gun tig aiseirigh nam marbh, nam fìrean araon agus nan neo-fhìrean.

Tha mi gam mheas fhèin sona, a rìgh Agripa, do bhrìgh gu bheil mi gu freagairt air mo shon fhèin an‑diugh ad làthair-sa, a‑thaobh nan nithean sin uile a tha air an cur as mo leth leis na h‑Iùdhaich;

Gu h‑àraidh, a chionn gu bheil thusa eòlach air gach gnàth agus ceist a tha am measg nan Iùdhach: uime sin guidheam ort, èisd rium gu foighidinneach.

Air an adhbhar seo, uime sin, chuir mi fios oirbhse, a‑chum gum faicinn sibh agus gun labhrainn ribh: oir is ann airson dòchas Israeil a tha mi ceangailte leis an t‑slabhraidh seo.

Dh’fheuchainn am faodainn air aon chor teachd a‑chum aiseirigh nam marbh.

A dh’oidhche agus a là a’ guidhe gu ro‑dhùrachdach gum faiceamaid ur n‑aghaidh-se, agus gun leasaicheamaid uireasbhaidh ur creidimh?

A‑nis cuiridh ise a tha na bantraich dha-rìribh, agus air a fàgail na h‑aonar, a dòchas ann an Dia, agus buanaichidh i a là agus a dh’oidhche ann an athchuingean, agus ann an ùrnaighean.

Tha Seumas, seirbhiseach Dhè, agus an Tighearna Iosa Crìosd, a’ cur beannachd a‑chum an dà‑threubh-dheug a tha air an sgapadh o chèile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan