Agus beannaichidh mi iadsan a bheannaicheas thu, agus iadsan a mhallaicheas thu mallaichidh mi; agus annadsa beannaichear uile theaghlaichean na talmhainn.
Agus bheir mi air do shliochd fàs lìonmhor mar reultan nèimh, agus bheir mi dod shliochd na dùthchannan sin uile: agus beannaichear ann ad shliochd-sa uile chinnich na talmhainn;
Agus bidh m’òglach Daibhidh na rìgh os an cionn: agus bidh aon bhuachaille aca uile: gluaisidh iad fòs ann am reachdan, agus bheir iad fa‑near m’òrdaighean, agus nì iad iad.
Na dhèidh sin tillidh clann Israeil, agus iarraidh iad an Tighearna an Dia, agus Daibhidh an rìgh; agus bidh eagal an Tighearna agus a mhaitheis orra anns na làithean deireannach.
Agus tàrlaidh, ge bè air bith a ghairmeas air ainm an Tighearna, tèarnar e: oir ann an sliabh Shioin agus ann an Ierusalem bidh tèarnadh, mar a thubhairt an Tighearna; eadhon am measg an iarmaid a ghairmeas an Tighearna.
Agus thusa, a Bhetlehem-Ephratah, ged tha thu beag am measg mhìltean Iùdah, gidheadh asad thig a‑mach am ionnsaigh-sa neach a bhios na uachdaran air Israel; aig an robh a dhol a‑mach o shean, o làithean na sìorraidheachd.
Dùisg, O chlaidheimh, an aghaidh mo bhuachaille, agus an aghaidh an duine a tha na dhlùth-chompanach dhòmhsa, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh. Buailidh mise am buachaille, agus bidh an treud air a sgapadh; agus tionndaidhidh mi mo làmh air a’ mhuinntir bhig.
Agus labhraidh tu ris, ag ràdh, Mar seo labhair Tighearna nan sluagh, ag ràdh, Feuch an duine don ainm am Meangan; agus fàsaidh e a‑nìos as àite, agus togaidh e teampall an Tighearna.
Dèan gàirdeachas gu mòr, O nighean Shioin; tog iolach, O nighean Ierusaleim: feuch, tha do rìgh a’ teachd ad ionnsaigh; is Fìrean agus is Slànaighear e; iriosal, agus a’ marcachd air asail, agus air searrach, mac na h‑asail.
Feuch, cuiridh mise a‑mach mo theachdaire, agus ullaichidh e an t‑slighe romham; agus thig an Tighearna a tha sibh ag iarraidh gu a theampall gu grad; eadhon teachdaire a’ choicheangail, anns a bheil ur tlachd; feuch thig esan, deir Tighearna nan sluagh.
Ach dhuibhse air a bheil eagal m’ainme-sa èiridh Grian na Fìreantachd le slàinte na sgiathan; agus thèid sibh a‑mach, agus fàsaidh sibh suas mar laoigh bhiadhte.
Ach nuair a thuig Pòl gu robh cuid dhiubh nan Sadusaich, agus a’ chuid eile nam Pharasaich, ghlaodh e anns a’ chomhairle, Fheara agus a bhràithrean, is Pharasach mise, mac Pharasaich: is ann as leth dòchas agus aiseirigh nam marbh a tha mi air mo thoirt am breitheanas.
Mura ann a‑mhàin airson an aon fhacail seo, a ghlaodh mi am sheasamh nam measg, gur ann airson aiseirigh nam marbh a tha mi air mo thoirt gu breitheanas leibhse an‑diugh.
Air an adhbhar seo, uime sin, chuir mi fios oirbhse, a‑chum gum faicinn sibh agus gun labhrainn ribh: oir is ann airson dòchas Israeil a tha mi ceangailte leis an t‑slabhraidh seo.
A‑nis tha mi ag ràdh, gu robh Iosa Crìosd na mhinistear an timcheall-ghearraidh airson fìrinn Dhè, a‑chum na geallaidhean a rinneadh do na h‑athraichean a dhaingneachadh: