Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 26:32

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin thubhairt Agripa ri Festus, Dh’fhaodte an duine seo a leigeadh as, mura biodh gun do thog e a chùis gu Cèasar.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Ach air do dhà bhliadhna a bhith air an coileanadh, thàinig Porcius Festus an àite Fhelics; agus air do Fhelics a bhith toileach comain a chur air na h‑Iùdhaich, dh’fhàg e Pòl ceangailte.

Ach nuair a thuig mise nach do rinn e nì sam bith a thoill bàs, agus a chionn gun do thog e fhèin a chùis gu Augustus, shònraich mi a chur da ionnsaigh.

Muinntir an dèidh dhaibh mo cheasnachadh, leis am bu mhiann mo leigeadh as, a chionn nach robh coire bàis sam bith annam.

Ach nuair a bha na h‑Iùdhaich a’ labhairt an aghaidh seo, b’èiginn dhomh mo chùis a thogail gu Cèasar; chan e gu bheil coire sam bith agam ri chur as leth mo chinnich.

Ach thubhairt an Tighearna ris, Imich; oir is soitheach taghte dhòmhsa e, a‑chum m’ainm a ghiùlan am fianais nan Cinneach, agus rìghrean, agus chloinn Israeil.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan