Gnìomharan 26:3Am Bìoball Gàidhlig 1992Gu h‑àraidh, a chionn gu bheil thusa eòlach air gach gnàth agus ceist a tha am measg nan Iùdhach: uime sin guidheam ort, èisd rium gu foighidinneach. Faic an caibideil |
Agus thàrladh, an dèidh trì làithean, gun do ghairm Pòl maithean nan Iùdhach an ceann a chèile. Agus nuair a chruinnicheadh iad, thubhairt e riu, Fheara agus a bhràithrean, ged nach do rinn mise nì sam bith an aghaidh a’ phobaill, no gnàthannan nan athraichean, thugadh thairis mi am phrìosanach o Ierusalem do làmhan nan Ròmanach.