Agus air dha a bhith a’ labhairt nan nithean seo air a shon fhèin, thubhairt Festus le guth àrd, Tha thu air mhì-chèill, a Phòil: tha mòr-fhòghlam gad chur air bhoile.
An sin thàinig Iehu a‑mach a dh’ionnsaigh seirbhisich a thighearna, agus thubhairt iad ris, A bheil gach nì gu math? Carson a thàinig am fear cuthaich seo ad ionnsaigh? Agus thubhairt esan riu, Is aithne dhuibh an duine, agus a chainnt.
Rinn an Tighearna dhìotsa sagart ann an àite Iehoiada an sagart, a‑chum gum biodh luchd-riaghailt ann an taigh an Tighearna, airson gach duine a tha air a’ chuthach, agus a’ dèanamh dheth fhèin fàidh, a chur anns an taigh-smachdachaidh, agus ann an sàs.
Thàinig làithean an smachdachaidh, thàinig làithean na luigheachd: aithnichidh Israel gum b’amadan am fàidh, gu robh fear an spioraid air bhoile; airson ro‑mheud d’aingidheachd, agus airson d’fhuath mhòir.
An sin thubhairt na h‑Iùdhaich ris, A‑nis tha fhios againn gu bheil deamhan agad. Fhuair Abrahàm bàs, agus na fàidhean; gidheadh tha thusa ag ràdh, Ma choimheadas duine m’fhacal-sa, cha bhlais e bàs am feasd.
Agus air dhàsan a bhith a’ reusonachadh mu fhìreantachd, stuaim, agus breitheanas ri teachd, ghabh Felics eagal mòr, agus fhreagair e, Imich romhad an tràth seo; nuair a bhios ùine agam, cuiridh mi fios ort.
Ach air do dhà bhliadhna a bhith air an coileanadh, thàinig Porcius Festus an àite Fhelics; agus air do Fhelics a bhith toileach comain a chur air na h‑Iùdhaich, dh’fhàg e Pòl ceangailte.
Agus a’ dèanamh peanais orra gu minig anns gach sionagog, cho-èignich mi iad gu toibheum a labhairt; agus air dhomh a bhith gu ro‑mhòr air bhoile nan aghaidh, rinn mi geur-leanmhainn orra, eadhon gu bailtean coigreach.
Is amadain sinne airson Chrìosd, ach tha sibhse glic ann an Crìosd: tha sinne lag, ach tha sibhse làidir: tha sibhse ann an urram, ach sinne ann an eas-urram.
Agus o bha thu ad leanabh gum b’aithne dhut na sgriobtairean naomha, a tha comasach air do dhèanamh glic a‑chum slàinte, tre an chreideamh a tha ann an Iosa Crìosd.