Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 26:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tha mi gam mheas fhèin sona, a rìgh Agripa, do bhrìgh gu bheil mi gu freagairt air mo shon fhèin an‑diugh ad làthair-sa, a‑thaobh nan nithean sin uile a tha air an cur as mo leth leis na h‑Iùdhaich;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus labhraidh mi air do theisteis an làthair rìghrean, agus cha bhi nàire orm.

Ach nuair a bheir iad an làimh sibh, na biodh e na ro‑chàs oirbh cionnas no ciod a labhras sibh; oir bheirear dhuibh, anns an uair sin fhèin, an nì a labhras sibh.

Agus nuair a bheir iad sibh a‑chum nan sionagog, agus nan uachdaran, agus nan daoine cumhachdach, na biodh e na ro‑chùram oirbh cionnas no ciod a fhreagras sibh, no ciod a their sibh:

Ach ro na nithean seo uile, cuiridh iad làmh annaibhse, agus geur-leanaidh iad sibh, gur tabhairt thairis do choitheanail, agus do phrìosanan, gur tabhairt a‑chum rìghrean agus uachdaran air sgàth m’ainme-sa.

Mu nach eil nì sam bith cinnteach agam ri sgrìobhadh a‑chum mo thighearna. Uime sin thug mi a‑mach e dur n‑ionnsaigh-sa, a rìgh Agripa, a‑chum an dèidh rannsachadh a dhèanamh, gum biodh agam nì‑eigin ri sgrìobhadh.

An sin thubhairt Agripa ri Pòl, Tha cead agad labhairt air do shon fhèin. An sin shìn Pòl a‑mach a làmh, agus fhreagair e air a shon fhèin.

Uime sin, a rìgh Agripa, cha robh mi eas-umhail don taisbeanadh nèamhaidh:

Oir tha fhios aig an rìgh, ro a bheil mise a’ labhairt gu saor, air na nithean seo: oir tha cinnt agam nach eil a h‑aon de na nithean seo an ainfhios dha; oir chan ann an cùil a rinneadh seo.

Gu h‑àraidh, a chionn gu bheil thusa eòlach air gach gnàth agus ceist a tha am measg nan Iùdhach: uime sin guidheam ort, èisd rium gu foighidinneach.

A‑chum a bheil dùil aig ar dà‑threubh-dheug-ne teachd, a’ dèanamh seirbhis do Dhia a là agus a dh’oidhche a‑ghnàth; agus airson an dòchais seo tha mise, a rìgh Agripa, air m’agairt leis na h‑Iùdhaich.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan