Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 26:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt mise, Cò thu, a Thighearna? Agus thubhairt esan, Is mise Iosa a tha thusa a’ geur-leanmhainn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Maois, Bidh a’ chùis mar seo nuair a bheir an Tighearna dhuibh anns an fheasgar feòil ra h‑ithe, agus aran anns a’ mhadainn gu ur sàth; do bhrìgh gu bheil an Tighearna a’ cluinntinn ur gearain a tha sibh a’ dèanamh na aghaidh: agus ciod sinne? Chan ann nar n‑aghaidh-ne a tha ur gearan, ach an aghaidh an Tighearna.

Agus freagraidh an Rìgh, agus their e riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, a mheud is gun do rinn sibh e do aon de na bràithrean as lugha agamsa, rinn sibh dhòmhsa e.

An sin freagraidh esan iad, ag ràdh, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, a mheud is nach do rinn sibh e don neach as lugha dhiubh seo, cha do rinn sibh dhòmhsa e.

Agus nuair a thuit sinn uile air an talamh, chuala mi guth a’ labhairt rium, agus ag ràdh anns a’ chainnt Eabhraidhich, A Shauil, a Shauil, carson a tha thu gam gheur-leanmhainn? Is cruaidh dhutsa a bhith a’ breabadh an aghaidh nan dealg.

Ach èirich, agus seas air do chasan; oir dh’fhoillsich mi mi fhèin dhut a‑chum na crìche seo, gun òrdaichinn thu ad mhinistear agus ad fhianais araon air na nithean sin a chunnaic thu, agus air na nithean anns am foillsich mi mi fhèin dhut;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan