Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 26:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a thuit sinn uile air an talamh, chuala mi guth a’ labhairt rium, agus ag ràdh anns a’ chainnt Eabhraidhich, A Shauil, a Shauil, carson a tha thu gam gheur-leanmhainn? Is cruaidh dhutsa a bhith a’ breabadh an aghaidh nan dealg.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Bheir tuigse mhath deagh-ghean; ach is cruaidh slighe luchd-easaontais.

Feuch, nì mise Ierusalem na cupan ball-chrith do na slòigh uile mun cuairt: airson Iùdah mar an ceudna bidh e anns an fheachd an aghaidh Ierusaleim.

Oir mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, An dèidh na glòire seo chuir e mise a‑chum nan cinneach a chreach sibhse; oir an tì a bheanas ribhse, beanaidh e ri cloich a shùla-san.

Agus nuair a thug e cead dha, air do Phòl seasamh air an staidhir, smèid e le làimh air an t‑sluagh, ag iarraidh èisdeachd: agus air fantainn ro‑thosdach dhaibhsan, labhair e riu anns a’ chànain Eabhraidhich, ag ràdh:

(Agus nuair a chuala iadsan gun do labhair e riu anns a’ chànain Eabhraidhich, bu mhò a thosd iad: agus thubhairt esan,)

Mu mheadhon-là, O rìgh, chunnaic mi air an t‑slighe solas o nèamh, a bu shoilleire na solas na grèine, a’ dealrachadh mun cuairt orm, agus orrasan a bha ag imeachd maille rium.

Agus thubhairt mise, Cò thu, a Thighearna? Agus thubhairt esan, Is mise Iosa a tha thusa a’ geur-leanmhainn.

Agus sheas na daoine a bha ag imeachd maille ris nan tosd, a’ cluinntinn a’ ghutha, ach gun neach air bith fhaicinn.

Am brosnaich sinn an Tighearna gu eud? An treasa sinn na esan?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan