A‑nis thàrladh air do Ieremiah sgur de labhairt nan uile nithean a dh’àithn an Tighearna dha a labhairt ris an t‑sluagh uile, gun do ghlac na sagartan, agus na fàidhean, agus an sluagh uile e, ag ràdh, Cuirear gu deimhinn gu bàs thu.
A‑nis bha araon na h‑àrd-shagartan agus na Pharasaich air toirt àithne, nam biodh fhios aig neach air bith càit an robh e, gun innseadh e e, a‑chum gun glacadh iad e.
Nì mar an ceudna a rinn mi ann an Ierusalem: agus air faotainn ùghdarrais o na h‑àrd-shagartan, dhruid mi mòran de na naoimh ann am prìosain; agus nuair a chuireadh gu bàs iad, thug mi mo ghuth nan aghaidh.
Mu mheadhon-là, O rìgh, chunnaic mi air an t‑slighe solas o nèamh, a bu shoilleire na solas na grèine, a’ dealrachadh mun cuairt orm, agus orrasan a bha ag imeachd maille rium.