Feuch uime sin, shìn mise mo làmh a‑mach os do chionn, agus lùghdaich mi do lòn, agus thug mi thairis thu do thoil na muinntir leis am fuathach thu, nigheanan nam Philisteach, air a bheil nàire ded shlighe mhì-chiataich.
Don tug mise am freagradh seo, Chan e gnàth nan Ròmanach duine sam bith a thoirt thairis a‑chum bàis, gus am bi aig an neach a tha air agairt a luchd-casaid aghaidh ri aghaidh, agus gum bi cothrom aige air e fhèin a shaoradh on choire a chuireadh as a leth.
Tha mi gam mheas fhèin sona, a rìgh Agripa, do bhrìgh gu bheil mi gu freagairt air mo shon fhèin an‑diugh ad làthair-sa, a‑thaobh nan nithean sin uile a tha air an cur as mo leth leis na h‑Iùdhaich;
Ach thubhairt an Tighearna ris, Imich; oir is soitheach taghte dhòmhsa e, a‑chum m’ainm a ghiùlan am fianais nan Cinneach, agus rìghrean, agus chloinn Israeil.