Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 25:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air dha fantainn nam measg os cionn deich làithean, chaidh e sìos do Chesarèa; agus air an là màireach shuidh e air a’ chathair-bhreitheanais, agus dh’àithn e Pòl a thoirt an làthair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Uime sin nuair a thàinig iad araon an seo, gun mhoille sam bith shuidh mi air an là màireach air a’ chathair-bhreitheanais, agus dh’àithn mi an duine a thoirt an làthair.

An sin thubhairt Pòl, Tha mi am sheasamh aig cathair-bhreitheanais Chèasair, far an còir breith a thoirt orm: air na h‑Iùdhaich cha do rinn mi eucoir sam bith, mar as math a tha fhios agadsa.

Agus nuair a bha e na shuidhe air cathair a’ bhreitheanais, chuir a bhean teachdaireachd da ionnsaigh, ag ràdh, Na biodh agadsa gnothach sam bith ris an fhìrean sin: oir is mòr a dh’fhuiling mise an‑diugh ann am bruadar air a shon-san.

Ach thug sibhse masladh don bhochd. Nach eil na daoine saoibhir ri aintighearnas oirbh, agus gur tarraing gu cathraichean-breitheanais?

Oir is èiginn dhuinn uile a bhith air ar nochdadh an làthair cathair-bhreitheanais Chrìosd; a‑chum gum faigh gach neach na nithean a rinn e anns a’ cholainn, a rèir an nì a rinn e, mas math no olc e.

Uime sin nuair a chuala Pilat a’ chainnt sin, thug e a‑mach Iosa, agus shuidh e air a’ chathair-bhreitheanais, anns an ionad ris an abrar an Leac-ùrlar, ach anns an Eabhra, Gabata.

Ach fhuaireadh Philip ann an Asotos: agus shearmonaich e anns na bailtean uile, a’ dol tron dùthaich, gus an tàinig e gu Cesarèa.

A‑nis nuair a thàinig Festus don mhòr-roinn, an ceann trì làithean chaidh e suas o Chesarèa gu Ierusalem.

Ach fhreagair Festus gum bu chòir Pòl a ghleidheadh ann an Cesarèa, agus gun rachadh e fhèin an sin gu h‑aithghearr.

Uime sin, arsa esan, rachadh iadsan nur measg a dh’fhaodas, sìos maille riumsa, agus ma tha coire air bith anns an duine seo, cuireadh iad sin as a leth.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan