Uime sin, arsa esan, rachadh iadsan nur measg a dh’fhaodas, sìos maille riumsa, agus ma tha coire air bith anns an duine seo, cuireadh iad sin as a leth.
Ach nuair a thuig mise nach do rinn e nì sam bith a thoill bàs, agus a chionn gun do thog e fhèin a chùis gu Augustus, shònraich mi a chur da ionnsaigh.
Don tug mise am freagradh seo, Chan e gnàth nan Ròmanach duine sam bith a thoirt thairis a‑chum bàis, gus am bi aig an neach a tha air agairt a luchd-casaid aghaidh ri aghaidh, agus gum bi cothrom aige air e fhèin a shaoradh on choire a chuireadh as a leth.
Ag àithneadh da luchd-casaid teachd ad ionnsaigh-sa; neach om faod thu, le a cheasnachadh, fios fhaotainn air na h‑uile nithean a tha sinne a’ cur as a leth.
Ach nuair a dh’innseadh dhomh gu robh na h‑Iùdhaich gu foill a chaitheadh air an duine, air ball chuir mi ad ionnsaigh-sa e, agus thug mi àithne mar an ceudna da luchd-casaid gach cùis a bha aca na aghaidh a chur an cèill ad làthair-sa. Slàn leat.
Agus nuair a bha Pòl a’ dol a dh’fhosgladh a bheòil, thubhairt Galio ris na h‑Iùdhaich, Nam b’eucoir no droch ghnìomh a bhiodh ann, O Iùdhacha, bu reusonta gun giùlaininn leibh:
Agus air dha fantainn nam measg os cionn deich làithean, chaidh e sìos do Chesarèa; agus air an là màireach shuidh e air a’ chathair-bhreitheanais, agus dh’àithn e Pòl a thoirt an làthair.