Gnìomharan 25:3Am Bìoball Gàidhlig 1992Ag iarraidh fàbhair na aghaidh, gun cuireadh e fios air gu Ierusalem, agus iad a dhèanamh feall-fhalaich a‑chum esan a mharbhadh air an t‑slighe. Faic an caibideil |
Air an adhbhar sin, thubhairt na h‑uachdarain ris an rìgh, Biodh an duine seo, guidheamaid ort, air a chur gu bàs: oir mar seo tha e a’ lagachadh làmhan an luchd-cogaidh a tha fhathast an làthair anns a’ bhaile seo, agus làmhan an t‑sluaigh uile, le bhith a’ labhairt an leithid seo de bhriathran riu: oir chan eil an duine seo ag iarraidh leas an t‑sluaigh seo, ach an aimhleas.
Ann an turasan gu minig, ann an gàbhadh aibhnichean, ann an cunnartan fhear-reubainn, ann an cunnartan om chinneach fhèin, ann an cunnartan o na Cinnich, ann an cunnartan anns a’ bhaile, ann an cunnartan anns an fhàsach, ann an cunnartan anns an fhairge, ann an cunnartan am measg bhràithrean breugach;