Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 25:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nochd an t‑àrd-shagart agus maithean nan Iùdhach iad fhèin na làthair an aghaidh Phòil, agus chuir iad impidh air,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Mura dubhairt fir mo phàillein, Och nach robh sinn air ar sàsachadh le a fheòil!

Oir cha chaidil iadsan mura dèan iad olc: agus tha an cadal air a thoirt uapa mura toir iad air cuideigin tuiteam.

Agus an ceann còig làithean na dhèidh sin chaidh Ananias an t‑àrd-shagart sìos maille ris na seanairean, agus ri Tertullus, fear-tagraidh àraidh, muinntir a nochd iad fhèin an làthair an uachdarain an aghaidh Phòil.

Airsan, nuair a bha mise ann an Ierusalem, rinn na h‑àrd-shagartan agus seanairean nan Iùdhach casaid rium, ag iarraidh binne na aghaidh.

Agus thubhairt Festus, A rìgh Agripa, agus sibhse a dhaoine uile a tha an làthair an seo maille rinn, tha sibh a’ faicinn an duine seo, mun do chuir sluagh nan Iùdhach uile impidh ormsa, araon ann an Ierusalem, agus an seo, a’ glaodhaich nach bu chòir e a bhith na b’fhaide beò.

Agus thàrladh, an dèidh trì làithean, gun do ghairm Pòl maithean nan Iùdhach an ceann a chèile. Agus nuair a chruinnicheadh iad, thubhairt e riu, Fheara agus a bhràithrean, ged nach do rinn mise nì sam bith an aghaidh a’ phobaill, no gnàthannan nan athraichean, thugadh thairis mi am phrìosanach o Ierusalem do làmhan nan Ròmanach.

A tha a’ bacadh dhuinne labhairt ris na Cinnich, a‑chum gum biodh iad air an tèarnadh, a‑chum sìor-lìonadh suas am peacaidhean: oir thàinig an fhearg orra mu dheireadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan