Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 24:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach air teachd do Lisias an t‑àrd-cheannard oirnn, thug e le mòr-ainneart as ar làmhan e,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Neach mar an ceudna a thogair an teampall a thruailleadh; agus a ghlac sinne, agus b’àill leinn breith a thoirt air a rèir ar lagha fhèin:

Ag àithneadh da luchd-casaid teachd ad ionnsaigh-sa; neach om faod thu, le a cheasnachadh, fios fhaotainn air na h‑uile nithean a tha sinne a’ cur as a leth.

Oir cha chaidil iadsan mura dèan iad olc: agus tha an cadal air a thoirt uapa mura toir iad air cuideigin tuiteam.

Agus nuair a b’àill leò a mharbhadh, chaidh sgeul a dh’ionnsaigh àrd-cheannard na cuideachd, gu robh Ierusalem uile thar a chèile:

Agus nuair a thàinig e a‑chum na staidhreach, thàrladh gun do ghiùlaineadh e leis na saighdearan, airson ainneart an t‑sluaigh.

Agus nuair a dh’èirich connsachadh mòr eatorra, air don àrd-cheannard a bhith fo eagal gu rachadh Pòl a tharraing as a chèile leo, dh’àithn e do na saighdearan dol sìos, agus esan a thogail leis an làimh làidir as am meadhon, agus a thoirt don chaisteal.

Agus ghairm e da ionnsaigh dà cheannard-ceud, agus thubhairt e, Ullaichibh dà cheud saighdear a thèid gu Cesarèa, agus deich agus trì-fichead marcach, agus dà cheud fear-sleagha, air an treas uair den oidhche.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan