Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 24:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a ghairmeadh a‑mach e, thòisich Tertullus air a chasaid, ag ràdh, Do bhrìgh gu bheil sinn tromhadsa a’ mealtainn mòr-shìth, agus gun do rinneadh iomadh deagh ghnìomh don chinneach seo tre do ghliocas-sa,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Oir nì an t‑aingidh ràiteachas à miann a chridhe; agus molaidh e an duine sanntach as beag le Dia.

Fuathaichidh an teanga bhreugach iadsan don dèan i dochair; agus obraichidh am beul miodalach sgrios.

Am fear a nì miodal ra choimhearsnach, sgaoilidh e lìon airson a chas.

Agus an ceann còig làithean na dhèidh sin chaidh Ananias an t‑àrd-shagart sìos maille ris na seanairean, agus ri Tertullus, fear-tagraidh àraidh, muinntir a nochd iad fhèin an làthair an uachdarain an aghaidh Phòil.

Tha sinn a’ gabhail ri seo, anns gach àm agus anns gach àite, Fhelics ro‑òirdheirc, leis gach uile bhuidheachas.

Is luchd-cànrain agus gearain an dream seo, a tha ag imeachd a rèir an ana-miann fhèin; agus tha am beul a’ labhairt bhriathar atmhor, agus iad a’ gabhail iongantais de phearsachan dhaoine air sgàth buannachd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan