Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 24:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cha d’fhuair iad mi a’ deasbaireachd ri aon neach anns an teampall, no a’ brosnachadh an t‑sluaigh gu ceannairc, aon chuid anns na sionagogan, no anns a’ bhaile:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus nuair thàinig e a‑chum a dheisciobal, chunnaic e sluagh mòr mun timcheall, agus na sgrìobhaichean a’ deasbaireachd riu.

Carson a tha thu a’ fiosrachadh dhìomsa? Feòraich dhiubhsan a chuala, ciod a thubhairt mi riu: feuch, tha fhios acasan ciod a thubhairt mi.

Air a seo fhuair Iùdhaich àraidh on Asia mi air mo ghlanadh anns an teampall, gun sluagh, agus gun bhuaireas;

Oir fhuair sinn am fear seo na phlàigh, agus a’ dùsgadh nan Iùdhach uile gu ceannairc air feadh an domhain, agus na cheann-feadhna do luchd saobh-chreideamh nan Nàsarènach.

Nuair a fhreagair esan ga shaoradh fhèin, Cha do rinn mi cionta sam bith an aghaidh lagh nan Iùdhach, no an aghaidh an teampaill, no an aghaidh Chèasair.

Agus thàrladh, an dèidh trì làithean, gun do ghairm Pòl maithean nan Iùdhach an ceann a chèile. Agus nuair a chruinnicheadh iad, thubhairt e riu, Fheara agus a bhràithrean, ged nach do rinn mise nì sam bith an aghaidh a’ phobaill, no gnàthannan nan athraichean, thugadh thairis mi am phrìosanach o Ierusalem do làmhan nan Ròmanach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan