Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 23:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin thubhairt Pòl ris, Buailidh Dia thusa, a bhalla ghealaichte: oir a bheil thusa ad shuidhe a thoirt breith ormsa a rèir an lagha, agus an aghaidh an lagha ag òrdachadh mo bhualadh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh Sedeciah mac Chenaanah am fagas, agus bhuail e Micaiah air a ghiall, agus thubhairt e, Cia an taobh a chaidh spiorad an Tighearna uamsa a labhairt riutsa?

Am bi comann riutsa aig rìgh-chathair na h‑euceirt, a dhealbhas aimhleas le reachd?

Agus os bàrr, chunnaic mi fon ghrèin àit a’ bhreitheanais, gu robh euceart an sin; agus àite na fìreantachd, gu robh aingidheachd an sin.

Cha dèan sibh eucoir sam bith ann am breitheanas; cha bhi suim agad do ghnùis an duine bhochd, cha mhò a bheir thu urram do ghnùis an duine chumhachdaich; ann an ceartas bheir thu breith air do choimhearsnach.

Cha dèan sibh eucoir sam bith ann am breitheanas, ann an slait-thomhais, ann an cudthrom, no ann an tomhas.

Sibhse a tha a’ tionndadh breitheanais gu searbhadas, agus a’ leigeadh dhibh fìreantachd air an talamh.

(A‑nis chuir Annas e ceangailte gu Caiaphas an t‑àrd-shagart.)

A bheil ar lagh-ne a’ toirt breith air duine sam bith gus an cluinn e uaithe fhèin an toiseach, agus gus am bi fhios aige ciod a tha e a’ dèanamh?

Agus thubhairt iadsan a sheas làimh ris, A bheil thusa a’ toirt ana-cainnt do àrd-shagart Dhè?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan