Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 23:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air an oidhche na dhèidh sin, sheas an Tighearna làimh ris, agus thubhairt e, Biodh misneach mhath agad, a Phòil; oir mar a rinn thu fianais mum thimcheall-sa ann an Ierusalem, is amhail sin as èiginn dhut fianais a dhèanamh anns an Ròimh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

27 Iomraidhean Croise  

Oir seasaidh e aig deaslàimh an duine bhochd, a‑chum a shaoradh o luchd-dìtidh a anama.

Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; na biodh geilt ort, oir is mise do Dhia; neartaichidh mi thu; seadh, cuidichidh mi thu; seadh, cumaidh mi suas thu le deaslàimh m’fhìreantachd.

Na biodh eagal ort, a chnuimh, a Iàcoib, a dhaoine bàsmhor Israeil; nì mise cobhair ort, deir an Tighearna, agus is e d’fhear-saoraidh Tì naomh Israeil.

Nuair a shiùbhlas tu tro na h‑uisgeachan bidh mise maille riut; agus tro na h‑aibhnichean cha tig iad tharad; nuair a dh’imicheas tu tron teine, cha loisgear thu, agus cha dèan an lasair greim ort.

A’ foillseachadh na crìche on tùs, agus on aimsir chèin; nan nithean nach eil fhathast dèante; ag ràdh, Seasaidh mo chomhairle, agus gach nì as àill leam nì mi:

Ach labhair Iosa riu air ball, ag ràdh, Biodh misneach mhath agaibh; is mise a tha ann, na biodh eagal oirbh.

A’ teagasg dhaibh na h‑uile nithean a dh’àithn mise dhuibh a choimhead. Agus, feuch, tha mise maille ribh a‑ghnàth, gu deireadh an t‑saoghail. Amen.

Agus, feuch, thug iad da ionnsaigh duine air an robh a’ phairilis, na laighe air leabaidh: agus nuair a chunnaic Iosa an creideamh, thubhairt e ri fear na pairilis, Biodh deagh mhisneach agad, a mhic, tha do pheacaidhean air am maitheadh dhut.

Oir tha còignear bhràithrean agam; a‑chum gun toir e fianais dhaibh, air eagal gun tig iadsan mar an ceudna don ionad ro‑phiantach seo.

Chan fhàg mi sibh nur dìlleachdain: thig mi dur n‑ionnsaigh.

Na nithean seo labhair mi ribh, a‑chum gum biodh sìth agaibh annamsa. Anns an t‑saoghal bidh àmhghar agaibh: ach biodh deagh mhisneach agaibh, thug mise buaidh air an t‑saoghal.

An sin thubhairt an Tighearna ri Pòl ann an sealladh anns an oidhche, Na biodh eagal ort, ach labhair, agus na bi ad thosd:

Agus nuair a choileanadh na nithean seo, chuir Pòl roimhe na spiorad, an dèidh dha imeachd tro Mhacedònia, agus Achaia, dol gu Ierusalem, ag ràdh, An dèidh dhomh a bhith an sin, is èiginn dhomh an Ròimh fhaicinn mar an ceudna.

Oir thubhairt Daibhidh ma thimcheall, Chunnaic mi an Tighearna romham a‑ghnàth; oir tha e aig mo dheaslàimh, a‑chum nach gluaiste mi:

Agus a‑nis feuch, tha mi a’ dol gu Ierusalem ceangailte anns an spiorad, gun fhios agam ciod iad na nithean a thàrlas dhomh an sin;

Oir bidh tu ad fhianais aige a‑chum nan uile dhaoine, air na nithean a chunnaic agus a chuala tu.

Agus gum faca mi Esan ag ràdh rium, Dèan deifir, agus imich gu grad à Ierusalem; oir cha ghabh iad rid theisteas mum thimcheall-sa.

Nach abstol mise? Nach eil mi saor? Nach fhaca mi Iosa Crìosd ar Tighearna? Nach sibhse m’obair anns an Tighearna?

Ionnas gu bheil mo gheimhlean-sa ann an Crìosd iomraiteach anns an lùchairt uile, agus anns gach àit eile;

Gidheadh, sheas an Tighearna làimh rium, agus neartaich e mi; a‑chum tromhamsa gum biodh an searmonachadh air a làn-fhoillseachadh, agus gun cluinneadh na cinnich uile e: agus shaoradh mi à beul an leòmhainn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan