Oir mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, An dèidh na glòire seo chuir e mise a‑chum nan cinneach a chreach sibhse; oir an tì a bheanas ribhse, beanaidh e ri cloich a shùla-san.
Agus thàinig e agus ghabh e còmhnaidh ann am baile den goirear Nàsaret, a‑chum gun coileante an nì a labhradh leis na fàidhean, Gun goirear Nàsarach dheth.
Agus freagraidh an Rìgh, agus their e riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, a mheud is gun do rinn sibh e do aon de na bràithrean as lugha agamsa, rinn sibh dhòmhsa e.
An sin freagraidh esan iad, ag ràdh, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, a mheud is nach do rinn sibh e don neach as lugha dhiubh seo, cha do rinn sibh dhòmhsa e.
Biodh e aithnichte dhuibhse uile, agus do phoball Israeil uile, gur ann tre ainm Iosa Crìosd o Nàsaret, a cheus sibhse, a thog Dia o na mairbh, eadhon trìdsan a tha an duine seo na sheasamh an seo nur làthair-se slàn.
Oir mar as aon an corp, agus mòran de bhuill aige, agus a tha uile bhuill an aon chuirp sin, ge h‑iomadh iad, nan aon chorp, mar sin mar an ceudna tha Crìosd.
Agus thubhairt an Tighearna ri Samuel, Eisd ri guth an t‑sluaigh anns gach nì a their iad riut: oir riutsa cha do chuir iad cùl, ach riumsa chuir iad cùl, a‑chum nach rìoghaichinn os an cionn.