Agus thàrladh, air dhomh a bhith ag imeachd, agus a’ druideadh ri Damascas mu mheadhon-là, gun do dhealraich gu h‑obann o nèamh solas mòr mun cuairt orm.
Agus roinn e e fhèin nan aghaidh anns an oidhche, e fhèin agus a sheirbhisich, agus bhuail e iad, agus lean e iad gu Hobah, a tha air an làimh chlì de Dhamascas.
Agus thubhairt Abram, A Thighearna Dhè, ciod a bheir thu dhomh, agus mi ag imeachd gun chloinn, agus gur e Elièser seo o Dhamascas fear-riaghlaidh mo thaighe?
An sin chuir Daibhidh freiceadain ann an Siria Dhamascais: agus bha na Sirianaich nan seirbhisich aig Daibhidh, agus thug iad leo tìodhlacan: agus ghlèidh an Tighearna Daibhidh gach taobh a chaidh e.
An sin bidh a’ ghealach air a maslachadh, agus a’ ghrian air a nàrachadh; oir rìoghaichidh Tighearna nan sluagh air beinn Shioin, agus ann an Ierusalem; agus ann am fianais a sheanairean bidh a ghlòir.
Agus dh’èirich gàir mhòr: agus air seasamh suas do na sgrìobhaichean a bha air taobh nam Pharasach, chathaich iad nan aghaidh, ag ràdh, Chan eil sinne a’ faotainn cron air bith anns an duine seo: ach ma labhair spiorad no aingeal ris, na cogamaid an aghaidh Dhè.
Agus bha aige na làimh dheis seachd reultan; agus claidheamh geur dà fhaobhair a’ teachd a‑mach as a bheul: agus bha a ghnùis mar a’ ghrian a’ dealrachadh na làn neart.