Gnìomharan 22:5Am Bìoball Gàidhlig 1992Mar a nì an t‑àrd-shagart mar an ceudna fianais dhomh, agus comhairle nan seanairean uile; on d’fhuair mi mar an ceudna litrichean a‑chum nam bràithrean, agus chaidh mi gu Damascas, a‑chum an dream a bha an sin a thoirt ceangailte gu Ierusalem, a‑chum gun dèante peanas orra. Faic an caibideil |
Agus thàrladh, an dèidh trì làithean, gun do ghairm Pòl maithean nan Iùdhach an ceann a chèile. Agus nuair a chruinnicheadh iad, thubhairt e riu, Fheara agus a bhràithrean, ged nach do rinn mise nì sam bith an aghaidh a’ phobaill, no gnàthannan nan athraichean, thugadh thairis mi am phrìosanach o Ierusalem do làmhan nan Ròmanach.
Agus nuair a chuala iad seo, chaidh iad gu moch a‑steach don teampall, agus theagaisg iad. Ach thàinig an t‑àrd-shagart agus iadsan a bha maille ris, agus ghairm iad a’ chomhairle, agus seanadh chloinn Israeil uile, an ceann a chèile, agus chuir iad don phrìosan a‑chum gun tugte iadsan dan ionnsaigh.