Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 22:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn mi geur-leanmhainn gu bàs air an t‑slighe seo, a’ ceangal fhear agus bhan, agus gan tarraing gu prìosan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Lean ise Pòl agus sinne, agus ghlaodh i, ag ràdh, Is iad na daoine seo seirbhisich an Dè as ro‑àirde, a tha a’ nochdadh dhuinne slighe na slàinte.

Agus thòisich e air labhairt gu dàn anns an t‑sionagog. Agus air do Acuila agus do Phriscila a chluinntinn, ghabh iad dan ionnsaigh e, agus mhìnich iad dha slighe Dhè na bu choileanta.

Agus dh’èirich mun àm sin iomairt nach bu bheag mu thimcheall na slighe sin.

Ach nuair a chruadhaicheadh cuid, agus nach do chreid iad, ach a labhair iad olc mun t‑slighe sin an làthair an t‑sluaigh, dh’fhàg e iad agus sgar e na deisciobail uapa, agus bha e gach là a’ deasbaireachd ann an sgoil neach àraidh dom b’ainm Tirannus.

Ach tha mi ag aideachadh seo dhutsa, gur ann a rèir na slighe sin ris an abair iadsan saobh-chreideamh, a tha mise a’ dèanamh adhraidh do Dhia m’athraichean, a’ creidsinn nan uile nithean a tha sgrìobhte anns an lagh agus anns na fàidhean:

Agus air dhaibh a thilgeadh a‑mach as a’ bhaile, chlach iad e: agus thilg na fianaisean an aodach sìos aig casan òganaich, dom b’ainm Saul.

Ach bha na h‑uile a chuala e fo uamhas, agus thubhairt iad, Nach e seo esan a bha a’ sgrios ann an Ierusalem na muinntir a bha a’ gairm air an ainm seo, agus a thàinig an seo a‑chum na crìche seo, gun tugadh e ceangailte iad a dh’ionnsaigh uachdarain nan sagart?

Oir is mi as lugha de na h‑abstoil, neach nach fiù abstol a ghairm dhìom, do bhrìgh gu robh mi a’ geur-leanmhainn eaglais Dhè.

Oir chuala sibh mo chaitheamh-beatha-sa anns an aimsir a chaidh seachad, ann an creideamh nan Iùdhach, gun do rinn mi thar tomhas geur-leanmhainn air eaglais Dhè, agus gun d’fhàsaich mi i:

A‑thaobh eud, a’ dèanamh geur-leanmhainn air an eaglais; a rèir na fìreantachd a tha anns an lagh, neo-choireach.

Agus leanaidh mòran an slighean millteach tre am faigh slighe na fìrinn mì‑chliù.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan