Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 22:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Is Iùdhach mise da‑rìribh, a rugadh ann an Tarsas na Cilicia, ach a thogadh anns a’ bhaile seo, aig casan Ghamalieil, agus a theagaisgeadh gu coileanta a rèir gnàth lagh nan athraichean; agus bha mi eudmhor a‑thaobh Dhè, mar a tha sibhse uile an‑diugh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

27 Iomraidhean Croise  

Agus ghairm an rìgh air na Gibeonaich, agus thubhairt e riu; (a‑nis cha robh na Gibeonaich de chloinn Israeil, ach de iarmad nan Amorach: agus thug clann Israeil mionnan dhaibh: agus dh’iarr Saul am marbhadh, na eud airson chloinn Israeil agus Iùdah:)

Agus thill Elisa gu Gilgal; agus bha gorta anns an tìr, agus bha mic nam fàidh nan suidhe fa chomhair: agus thubhairt e ra òglach, Cuir air a’ phoit mhòr, agus bruith brochan do mhic nam fàidh.

Agus bha piuthar aice den goirte Muire, a shuidh aig casan Iosa, agus a bha ag èisdeachd a fhacail.

Agus thàrladh an dèidh trì làithean gun d’fhuair iad e anns an teampall, na shuidhe am meadhon an luchd-teagaisg, araon gan èisdeachd, agus a’ cur cheist orra.

Agus chaidh iadsan a‑mach a dh’fhaicinn an nì a rinneadh; agus thàinig iad gu Iosa, agus fhuair iad an duine as an deachaidh na deamhain na shuidhe aig casan Iosa, air èideadh, agus e na chèill: agus ghabh iad eagal.

An sin chaidh Barnabas gu Tarsas a dh’iarraidh Shauil.

Agus sgrìobh iad litrichean leo air an dòigh seo, Tha na h‑abstoil, agus na seanairean, agus na bràithrean, a’ cur beannachd a‑chum nam bràithrean de na Cinnich a tha ann an Antioch, agus ann an Siria, agus ann an Cilicia:

Agus shiubhail e tro Shiria agus Chilicia, a’ daingneachadh nan eaglaisean.

Agus nuair a chuala iadsan seo, thug iad glòir don Tighearna, agus thubhairt iad ris-san, Tha thu a’ faicinn, a bhràthair, cia lìon mìle de na h‑Iùdhaich a tha a’ creidsinn; agus tha iad uile ro‑eudmhor mun lagh.

Ach thubhairt Pòl, Is duine mise a tha am Iùdhach gun amharas, o Tharsas, saor-dhuine de bhaile ro‑inbheach ann an Cilicia: agus guidheam ort, thoir cead dhomh labhairt ris an t‑sluagh.

Agus nuair a leugh an t‑uachdaran an litir, dh’fhiosraich e ciod an dùthaich on robh e. Agus nuair a thuig e gur ann o Chilicia a bha e,

Ach nuair a thuig Pòl gu robh cuid dhiubh nan Sadusaich, agus a’ chuid eile nam Pharasaich, ghlaodh e anns a’ chomhairle, Fheara agus a bhràithrean, is Pharasach mise, mac Pharasaich: is ann as leth dòchas agus aiseirigh nam marbh a tha mi air mo thoirt am breitheanas.

Dom b’aithne mi o thùs (nam b’àill leo fianais a dhèanamh), gun do chaith mi mo bheatha am Pharasach, a rèir an luchd co‑bharail as teinne de ar creideamh-ne.

Gu deimhinn mheas mise annam fhèin gum bu chòir dhomh mòran nithean a dhèanamh an aghaidh ainm Iosa o Nàsaret.

An sin dh’èirich Pharasach àraidh anns a’ chomhairle, dom b’ainm Gamaliel, fear-teagaisg an lagha, air an robh meas aig an t‑sluagh uile, agus dh’òrdaich e na h‑abstoil a chur a‑mach rè tamaill;

An sin dh’èirich dream àraidh den t‑sionagog, ris an abrar sionagog nan Libertineach agus nan Cirènianach, agus de mhuinntir Alecsandria, agus na dream o Chilicia, agus on Asia, a’ deasbaireachd ri Stèphen.

Agus air do Shaul a bhith fhathast a’ sèideadh a‑mach bagraidh agus àir an aghaidh deisciobail an Tighearna, chaidh e a‑chum an àrd-shagairt,

Agus thubhairt an Tighearna ris, Eirich, agus imich don t‑sràid, ris an abrar Dìreach, agus iarr ann an taigh Iùdais, duine o Tharsas den goirear Saul: oir feuch, tha e ri ùrnaigh,

Ach nuair a thuig na bràithrean seo, thug iad sìos e gu Cesarèa, agus chuir iad air falbh gu Tarsas e.

Tha mi ag ràdh mas eadh, An do thilg Dia a phoball uaithe? Nar leigeadh Dia. Oir is Israeleach mise fhèin mar an ceudna, de shliochd Abrahàim, de threubh Bheniàmin.

An Eabhraidhich iad? Mar sin tha mise mar an ceudna. An Israelich iad? Mar sin tha mise mar an ceudna. An sliochd do Abrahàm iad? Mar sin tha mise mar an ceudna:

Agus gun tàinig mi air m’aghaidh ann an creideamh nan Iùdhach thar mòran dem chomhaoisean am measg mo chinnich fhèin, air dhomh a bhith na bu ro‑eudmhoire mu ghnàthannan mo shinnsireachd.

Na dhèidh sin thàinig mi gu crìochan Shiria agus Chilicia;

Seadh, ghràdhaich e an sluagh; tha a naoimh uile ad làimh: agus shuidh iad sìos aig do chasan; gheibh gach neach ded bhriathran.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan