Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 22:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a bha iad ga cheangal le iallan, thubhairt Pòl ris a’ cheannard-cheud a sheas an làthair, A bheil e ceadaichte dhuibhse duine a tha na Ròmanach a sgiùrsadh, agus gun e air a dhìteadh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Ach bithibh air ur faicill o dhaoine, oir bheir iad an làimh sibh do chomhairlean, agus sgiùrsaidh iad sibh nan sionagogan:

A‑nis, nuair a chunnaic an ceannard-ceud, agus iadsan a bha maille ris a’ coimhead Iosa, a’ chrith-thalmhainn, agus na nithean eile a rinneadh, ghabh iad eagal mòr, ag ràdh, Gu fìrinneach b’e seo Mac Dhè.

Agus air freagairt don cheannard-ceud, thubhairt e, A Thighearna, chan airidh mise air thusa a theachd a‑steach fom chlèith: ach a‑mhàin abair am facal, agus slànaichear m’òglach.

Agus bha duine àraidh ann an Cesarèa, dom b’ainm Cornelius, ceannard-ceud den chuideachd ris an abrar a’ chuideachd Eadailteach,

Ach thubhairt Pòl riu, an dèidh dhaibh ar sgiùrsadh gu follaiseach gun ar dìteadh, agus gur Ròmanaich sinn, thilg iad am prìosan sinn; agus a‑nis am b’àill leo ar cur a‑mach an uaigneas? Chan eadh gu deimhinn; ach thigeadh iad fhèin agus thugadh iad a‑mach sinn.

Agus nuair a chuala an ceannard-ceud seo, dh’imich e agus dh’innis e don àrd-cheannard, ag ràdh, Thoir fa‑near ciod a nì thu: oir is Ròmanach an duine seo.

An sin ghairm Pòl da ionnsaigh aon de na ceannardan-ceud, agus thubhairt e, Thoir an t‑òganach seo a‑chum an àrd-cheannaird; oir tha nì àraidh aige ri innse dha.

Ghlacadh an duine seo leis na h‑Iùdhaich, agus nuair a bha iad air tì a mharbhadh, thàinig mise orra le saighdearan, agus theasairg mi e, a’ tuigsinn gum bu Ròmanach e.

Don tug mise am freagradh seo, Chan e gnàth nan Ròmanach duine sam bith a thoirt thairis a‑chum bàis, gus am bi aig an neach a tha air agairt a luchd-casaid aghaidh ri aghaidh, agus gum bi cothrom aige air e fhèin a shaoradh on choire a chuireadh as a leth.

Agus nuair a thugadh breith sinne a sheòladh don Eadailt, thug iad Pòl thairis, maille ri prìosanaich àraidh eile, do cheannard-ceud dom b’ainm Iulius de chuideachd Augustuis.

Agus air an là màireach, thàinig sinn gu Sìdon. Agus air do Iulius buntainn gu suairc ri Pòl, leig e dha dol a dh’ionnsaigh a chàirdean a‑chum comhfhurtachd fhaotainn.

Ach air don cheannard-ceud a bhith toileach Pòl a theasairginn, chùm e air ais on comhairle iad, agus dh’àithn e dhaibhsan dom b’aithne snàmh iad fhèin a thilgeadh anns a’ chuan air tùs, agus dol a‑mach air tìr:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan