Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 22:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus gum faca mi Esan ag ràdh rium, Dèan deifir, agus imich gu grad à Ierusalem; oir cha ghabh iad rid theisteas mum thimcheall-sa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus ge bè neach nach gabh ribh, agus nach èisd ri ur briathran; air dol a‑mach as an taigh, no as a’ bhaile sin dhuibh, crathaibh dhibh duslach ur cas.

Agus nuair a nì iad geur-leanmhainn oirbh anns a’ bhaile seo, teichibh gu baile eile; oir gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach imich sibh air feadh bhailtean Israeil mun tig Mac an Duine.

(An sin teicheadh iadsan a tha ann an Iudèa a‑chum nam beann), agus imicheadh iadsan a tha na meadhon-se a‑mach aisde; agus na rachadh iadsan a tha anns a’ mhachair a‑steach innte.

Air an adhbhar sin, dèanaibh-se aithreachas agus bithibh air ur n‑iompachadh, a‑chum gum bi ur peacaidhean air an glanadh as, nuair a thig àmannan fionnaireachd o làthair an Tighearna;

Agus labhair e gu dàn ann an ainm an Tighearna Iosa, agus rinn e deasbaireachd an aghaidh nan Greugach: ach chuir iadsan romhpa esan a mharbhadh.

Nach abstol mise? Nach eil mi saor? Nach fhaca mi Iosa Crìosd ar Tighearna? Nach sibhse m’obair anns an Tighearna?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan