Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 22:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàrladh, nuair a thill mise gu Ierusalem, agus a bha mi a’ dèanamh ùrnaigh anns an teampall, gun deachaidh mi ann an neul,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Ach shearmonaich mi air tùs dhaibhsan ann an Damascas, agus ann an Ierusalem, agus air feadh tìr Iudèa uile, agus an sin do na Cinnich, iad a dhèanamh aithreachais agus tilleadh ri Dia, a’ dèanamh obraichean iomchaidh an aithreachais.

Le cumhachd chomharraidhean agus mhìorbhailean, le cumhachd Spiorad Dhè; ionnas o Ierusalem agus mun cuairt gu Iliricum, gun do làn-shearmonaich mi soisgeul Chrìosd.

An dèidh sin an ceann trì bliadhna, chaidh mi suas gu Ierusalem, a dh’fhaicinn Pheadair, agus dh’fhan mi maille ris còig-làithean-deug.

Gun do rinn e aithnichte dhomh tre fhoillseachadh an rùin-diamhair (mar a sgrìobh mi roimhe gu h‑aithghearr,

Bha mi anns an Spiorad air là an Tighearna, agus chuala mi air mo chùlaibh guth mòr, mar ghuth trompaid,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan