Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 22:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt esan, Thagh Dia ar n‑athraichean ro‑làimh thusa, a‑chum gun gabhadh tu eòlas air a thoil, agus gum faiceadh tu an t‑Aon cothromach sin, agus gun cluinneadh tu guth as a bheul.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

33 Iomraidhean Croise  

Agus thrèig e an Tighearna Dia a athraichean, agus cha do ghluais e ann an slighe an Tighearna.

Agus chaidh Daibhidh a‑mach nan coinneamh, agus fhreagair e, agus thubhairt e riu, Ma thàinig sibh gu sìochail am ionnsaigh-sa a chuideachadh leam, bidh mo chridhe leibh le aon rùn: ach ma thàinig sibh a‑chum mo bhrath dom naimhdean, nuair nach eil eucoir air bith am làmhan, gun amhairceadh Dia ar n‑athraichean air a sin, agus gun cronaicheadh e e.

O Thighearna Dhia Abrahàim, Isaaic, agus Israeil, ar n‑athraichean, glèidh seo gu bràth ann am breithneachadh smuaintean cridhe do shluaigh, agus ullaich an cridhe dhut fhèin;

Agus anns gach baile fa leth de Iùdah rinn e àitean àrda, a‑chum tùis a losgadh do dhiathan coimheach, agus bhrosnaich e gu feirg an Tighearna, Dia a athraichean.

Ach rinn Heseciah ùrnaigh air an son, ag ràdh, Gun tugadh an Tighearna math maitheanas do gach aon, a dheasaich a chridhe a dh’iarraidh an Tighearna, Dia a athraichean, ged nach eil e glan a rèir glanadh an ionaid naoimh.

Beannaichte gu robh an Tighearna, Dia ar n‑athraichean, a chuir mar seo ann an cridhe an rìgh, a dhèanamh maiseach taigh an Tighearna, a tha ann an Ierusalem;

Is e an Tighearna mo neart agus mo dhàn, agus tha e na shlàinte dhomh: is esan mo Dhia-sa, agus nì mi àite-còmhnaidh dha: Dia m’athar, agus àrdaichidh mi e.

Mun do dhealbh mi thu anns a’ bhroinn, b’aithne dhomh thu; agus mun tàinig thu a‑mach on bholg, chuir mi air leth thu: mar fhàidh do na cinnich thug mi thu.

Tha mi a’ toirt buidheachais agus cliù dhut, O thusa, a Dhia m’athraichean, a thug dhomh gliocas agus cumhachd, agus a thug fios dhuinn a‑nis air an nì a dh’iarr sinn ort: oir thug thu fios dhuinn a‑nis air gnothach an rìgh.

Cha sibhse a thagh mise, ach is mise a thagh sibhse, agus dh’òrdaich mi sibh, a‑chum gun rachadh sibh agus gun tugadh sibh a‑mach toradh, agus gum maireadh ur toradh: a‑chum ge bè nì a dh’iarras sibh air an Athair ann am ainm-sa, gun toir e dhuibh e.

Thagh Dia a’ phobaill seo, Israel, ar n‑athraichean, agus dh’àrdaich e am poball nuair a bha iad air choigrich ann an tìr na h‑Eiphit, agus le làimh àird thug e iad a‑mach aisde.

Oir bidh tu ad fhianais aige a‑chum nan uile dhaoine, air na nithean a chunnaic agus a chuala tu.

Agus gum faca mi Esan ag ràdh rium, Dèan deifir, agus imich gu grad à Ierusalem; oir cha ghabh iad rid theisteas mum thimcheall-sa.

Ach tha mi ag aideachadh seo dhutsa, gur ann a rèir na slighe sin ris an abair iadsan saobh-chreideamh, a tha mise a’ dèanamh adhraidh do Dhia m’athraichean, a’ creidsinn nan uile nithean a tha sgrìobhte anns an lagh agus anns na fàidhean:

Ach èirich, agus seas air do chasan; oir dh’fhoillsich mi mi fhèin dhut a‑chum na crìche seo, gun òrdaichinn thu ad mhinistear agus ad fhianais araon air na nithean sin a chunnaic thu, agus air na nithean anns am foillsich mi mi fhèin dhut;

Thog Dia ar n‑athraichean Iosa, a mharbh sibhse agus a chroch sibh air crann.

Cò de na fàidhean air nach do rinn ur n‑athraichean geur-leanmhainn? Agus mharbh iad iadsan a ro‑fhoillsich teachd an Fhìrein ud; air an robh sibhse a‑nis nur luchd-brathaidh, agus nur mortairean:

Ach thubhairt an Tighearna ris, Imich; oir is soitheach taghte dhòmhsa e, a‑chum m’ainm a ghiùlan am fianais nan Cinneach, agus rìghrean, agus chloinn Israeil.

Agus dh’imich Ananias, agus chaidh e a‑steach don taigh; agus chuir e a làmhan air, agus thubhairt e, A Shauil, a bhràthair, chuir an Tighearna (eadhon Iosa a dh’fhoillsicheadh dhutsa anns an t‑slighe air an tàinig thu), mise a‑chum gum faigheadh tu do fhradharc, agus gum biodh tu air do lìonadh leis an Spiorad Naomh.

Pòl, seirbhiseach Iosa Crìosd, a ghairmeadh na abstol, a chuireadh air leth a‑chum soisgeul Dhè,

Oir fhuair mise on Tighearna an nì mar an ceudna a thug mi dhuibhse, gun do ghlac an Tighearna Iosa aran, anns an oidhche anns an do bhrathadh e:

Oir thug mi dhuibh air tùs an nì a fhuair mi mar an ceudna, gun d’fhuair Crìosd bàs airson ar peacaidhean a rèir nan sgriobtar:

Nan dèidh uile chunnacas leamsa e mar an ceudna, mar neach a rugadh ann an an‑àm.

Nach abstol mise? Nach eil mi saor? Nach fhaca mi Iosa Crìosd ar Tighearna? Nach sibhse m’obair anns an Tighearna?

Oir rinn e esan do nach b’aithne peacadh na ìobairt-pheacaidh air ar son-se; a‑chum gum bitheamaid-ne air ar dèanamh nar fìreantachd Dhè annsan.

Oir cha b’ann o dhuine a fhuair mi e, cha mhò a theagaisgeadh dhomh e, ach tre fhoillseachadh Iosa Crìosd.

Ach nuair a b’i deagh thoil Dhè, a sgar o bhroinn mo mhàthar mi, agus a ghairm mi tre a ghràs,

Pòl, abstol Iosa Crìosd tre thoil Dhè, a rèir gealladh na beatha, a tha ann an Iosa Crìosd.

Pòl, seirbhiseach Dhè, agus abstol Iosa Crìosd, a rèir creideamh daoine taghte Dhè, agus aidmheil na fìrinn a tha a rèir diadhachd;

Neach nach do rinn peacadh, cha mhò a fhuaireadh cealg na bheul:

Mo chlann bheag, na nithean seo tha mi a’ sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, a‑chum nach peacaich sibh. Agus ma pheacaicheas neach air bith, tha fear-tagraidh againn maille ris an Athair, Iosa Crìosd am fìrean:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan