Agus nuair nach bu lèir dhomh tre ghlòir an t‑solais sin, air dhomh a bhith air mo threòrachadh air làimh leòsan a bha maille rium, thàinig mi gu Damascas.
Agus stiùraidh mi na doill air slighe nach b’aithne dhaibh; tro cheuman air nach robh iad eòlach treòraichidh mi iad; nì mi an dorchadas na sholas romhpa, agus nì mi slighean fiara dìreach: na nithean seo nì mi air an son, agus cha trèig mi iad.
Air an adhbhar sin, ma bhios do chorp uile soillseach, gun chuid sam bith dheth dorcha, bidh e soillseach gu h‑iomlan, mar nuair a shoillsicheas coinneal thu le a dealradh.
Agus feuch a‑nis, tha làmh an Tighearna ort, agus bidh tu dall, gun a’ ghrian fhaicinn rè tamaill. Agus air ball thuit ceò agus dorchadas air; agus a’ tionndadh mun cuairt, dh’iarr e dream a threòraicheadh air làimh e.